Digital Producer
Description
RIOCHDAIRE DIDSEATACH
Fiosrachadh mun Dreuchd:
Bidh an Riochdaire Didseatach stèidhichte san oifis againn ann an Glaschu, ag obair air na riochdachaidhean spòrs beò againn mar phàirt den chùmhnant Ioma-Spòrs againn le BBC ALBA.
Bidh an neach san dreuchd ag obair taobh a-staigh sgioba deasachaidh Sunset+Vine gus susbaint dhidseatach Ghàidhlig a leasachadh, a chruthachadh agus a lìbhrigeadh thar nam meadhanan sòisealta agus ùrlaran OTT. Bidh an tagraiche soirbheachail na phrìomh neach-conaltraidh do sgioba didseatach BBC ALBA. Bheir iad lèirsinn dheasachaidh làidir, eòlas riochdachaidh agus tuigse mhionaideach air luchd-amhairc didseatach agus air ro-innleachd. Cleachdaidh iad na sgilean sin gus susbaint a chruthachadh a leudaicheas ruigsinneachd, a neartaicheas conaltradh leis an luchd-amhairc agus a stiùireas luchd-amhairc gu telebhisean agus gu ùrlaran didseatach.
Prìomh Dhleastanasan
• Leasaich agus lìbhrig beachdan airson susbaint a tha didseatach an toiseach, agus cuir ri chèile clàr-susbaint a rèir amasan deasachaidh.
• Comharraich cothroman gus faicsinneachd, ruigsinneachd agus conaltradh a neartachadh airson susbaint Ghàidhlig am measg luchd-amhairc stèidhichte agus ùr.
• Obraich leis an sgioba riochdachaidh air fad gus susbaint ghoirid agus fhada a chruthachadh airson nam meadhanan sòisealta, OTT agus ùrlaran didseatach.
• Obraich le preasantairean, com-pàirtichean agus an sgioba riochdachaidh gus sgeulachdan tarraingeach innse agus gus prìomh amannan is sgeulachdan bho chraolaidhean beò BBC ALBA a ghlacadh.
• Tog dàimhean le com-pàirtichean, coimhearsnachdan agus luchd-ùidh na Gàidhlig gus beachdan buntainneach a leasachadh agus conaltradh leis an luchd-amhairc a neartachadh.
• Stiùir clàran-filmidh, obair chlipeadh agus cinn-ama lìbhrigidh airson susbaint.
• Cruthaich ro-innleachdan susbaint fa leth airson X, Instagram, TikTok, YouTube agus ùrlaran ùra, a bharrachd air craoladh sreathach, susbaint air-loidhne agus BBC iPlayer.
• Cum sùil air meatraigean coileanaidh agus cleachd fios air ais bhon luchd-amhairc gus piseach a thoirt air susbaint.
• Dèan cinnteach gu bheil an susbaint gu lèir iomchaidh a thaobh cultair agus a’ cumail ri stiùiridhean deasachaidh, laghail agus branndaidh.
• Fritheil tachartasan beò agus stiùir riochdachadh susbaint didseatach air an làraich nuair a bhios feum air.
Sgilean agus Eòlas
Riatanach
• Fileanta ann an Gàidhlig labhairteach agus sgrìobhte.
• Eòlas dearbhte air cruthachadh, riochdachadh no adhartachadh susbaint dhidseatach Ghàidhlig ann an spòrs, craoladh no dibhearsain.
• Tuigse làidir air cultar na Gàidhlig, air an luchd-amhairc agus air cruth-tìre nam meadhanan ann an Alba.
• Eòlas air planadh agus lìbhrigeadh iomairtean susbaint thar iomadh ùrlar.
• Eòlas air innealan anailis luchd-amhairc.
• Deagh bhreithneachadh deasachaidh agus sgilean làidir ann an innse sgeulachdan.
• Sgilean làidir ann an eagrachadh, conaltradh agus lìbhrigeadh phròiseactan.
• Eòlas ann a bhith ag obair le tàlant, com-pàirtichean agus luchd-ùidh.
• Eòlas air sruthan-obrach riochdachadh bhidio, bho chlàradh gu lìbhrigeadh.
• Eòlas air bathar-bog deasachaidh (DaVinci Resolve, Adobe Premiere Pro, Avid) agus air sruthan-obrach iar-riochdachaidh co-cheangailte ris.
• Comasach air obrachadh fo uallach agus cinn-ama a choileanadh.
Miannaichte
• Ùidh mhòr agus eòlas farsaing air spòrs agus sgilean ann an innse sgeulachdan. Bhiodh eòlas air iomadh spòrs na bhuannachd.
• Cead-dràibhidh riatanach.
Fiosrachadh a bharrachd:
• Bidh an obair riochdachaidh a’ gabhail a-steach, mar a bhios riatanach, obair aig uairean mì-shòisealta, air saor-làithean banca agus aig diofar àiteachan aig deireadh-sheachdainean.
• Dh’fhaodadh gum bi agad ri obair a dhèanamh aig làraichean ann an diofar àiteachan air feadh na RA agus thall thairis mar phàirt dhen dreuchd seo.
• Tha dùil gum bi an neach san dreuchd ag obair san oifis no air an làraich co-dhiù trì latha san t-seachdain, agus gum bi e comasach an dà latha eile obrachadh bhon taigh.
• Feumaidh còir a bhith aig tagraichean obair làn-ùine a dhèanamh san RA. Thoir an aire nach urrainn dhuinn sponsaireachd bhìosa a thabhann airson na dreuchd seo.
Mar a chuireas tu a-steach
Feuch an cuir thu do CV agus post-d goirid còmhdaich.
Bidh sinn a' faighinn àireamh mhòr de thagraidhean agus, gu mì-fhortanach, chan urrainn dhuinn freagairt a thoirt do gach duine. Cuiridh sinn fios thugad ma thèid an tagradh agad a thaghadh airson agallamh.
Iomadachd agus in-ghabhaltas
Tha sinn airson gum bi an sgioba againn a’ nochdadh an raoin fharsaing de luchd-èisteachd agus choimhearsnachdan air a bheil sinn a’ frithealadh. Tha sinn a’ cur fàilte air tagraidhean bho dhaoine de gach cùl-fhiosrachadh, dearbh-aithne agus eòlas, agus gu sònraichte tha sinn a’ brosnachadh thagraidhean bho bhuidhnean a tha fo-riochdaichte ann an riochdachadh telebhisein an-dràsta. Ma tha ciorram no suidheachadh slàinte fad-ùine ort agus ma tha feum agad air atharrachaidhean reusanta sam bith tron phròiseas fastaidh, feuch an innis thu dhuinn. Bidh sinn toilichte bruidhinn mu mar as urrainn dhuinn taic a thoirt dhut.
DIGITAL PRODUCER
Position Details:
The Digital Producer will be based at our Glasgow office, working across our live sport productions as part of our BBC ALBA Multi-Sport contract.
This role will be working within the Sunset+Vine editorial team to develop, produce and deliver engaging Gaelic-language digital content across social media and OTT platforms. The successful candidate will be the main point of contact with the BBC ALBA digital team. They will combine strong editorial judgement with production experience and a detailed understanding of digital audiences and strategy to produce content that grows reach, deepens audience connection and leads audiences to linear and social platforms.
Key Responsibilities
• Develop and deliver digital-first content ideas and deliver schedule aligned with editorial objective.
• Identify opportunities to increase the visibility, reach and engagement on Gaelic content with existing and new audiences.
• Work with the wider production team to produce short-form and long-form content for social media, OTT and digital platforms.
• Work with presenters, contributors and production team to create compelling storytelling and capture key moments and storylines from BBC ALBA’s live coverage.
• Build relationships with Gaelic-speaking contributors, communities and stakeholders to generate relevant ideas and enhance audience engagement.
• Manage shooting schedules, clipping and content delivery deadlines.
• Create platform specific content strategies for X, Instagram, TikTok, YouTube and emerging platforms as well as linear news, online news and BBC iPlayer.
• Monitor performance metrics and use audience insights to optimise content.
• Ensure that all content is culturally relevant and complies with editorial, legal and brand guidelines.
• Attend live events and oversee digital content production on location where required.
Skills and Experience
Essential
• Fluent spoken and written Gaelic.
• Demonstrable experience creating, producing or promoting Gaelic-language digital content within sport, broadcasting or entertainment.
• Strong understanding of Gaelic culture, audiences and the Scottish media landscape.
• Experience planning and delivering multi-platform content campaigns.
• Knowledge of audience analytics tools.
• Excellent editorial judgement and storytelling skills.
• Strong organisational, communication and project management abilities.
• Experience working with talent, contributors and stakeholders.
• Knowledge of video production workflows from shooting through to delivery.
• Experience working with editing software (DaVinci Resolve, Adobe Premiere Pro, Avid) and related post-production workflows.
• Ability to work under pressure and meet tight deadlines.
Desirable
• Passion and in-depth knowledge of the sport and storytelling. Multi-Sport experience and knowledge desirable.
• Valid drivers licence
Please note:
• Production will involve working some unsociable hours, bank holidays and onsite weekend work as necessary.
• This role may involve working onsite at various locations across the UK and worldwide.
• Expectation to work in the office or on location for a minimum 3 days per week, with the remainder (2 days) worked from home.
• Applicants must have the right to work in the UK on a full-time basis. Please note that we are unable to offer visa sponsorship for this role.
How to apply
Please send your CV and a brief covering email via The Talent Manager.
We receive a high volume of applications and, unfortunately, cannot reply to everyone. We will contact you if your application is selected for interview.
We want our team to reflect the wide range of audiences and communities we serve. We welcome applications from people of all backgrounds, identities and experiences, and particularly encourage applications from groups that are currently underrepresented in television production. If you have a disability or long-term health condition and need any reasonable adjustments during the recruitment process, please let us know. We will be happy to discuss how we can support you.Company Name
Location
Glasgow
Posted on
26th Oct 2026
Apply by
9th Nov 2026